GAIRM FOSGAILTE DO CHLEASAICHEAN
THA SINN A’ SIREADH CLEASAICHE LE GÀIDHLIG AIRSON CARACTAR FIREANN A CHLUICH, 30 GU 50 BLIADHNA A DH’AOIS – FOSGAILTE DO THAGRAIDHEAN GU DIHAOINE 12 ÒGMHIOS AIG 12 MEADHAN-LATHA
Tha sinn air leth toilichte a bhith comasach air tòiseachadh a’ gabhail ri tagraidhean bho chleasaichean proifeiseanta thairis air 18 bliadhna a dh’aois, le co-dhiù aon bhliadhna de eòlas air actadh, a tha Albannach no stèidhichte ann an Alba, gus earrannan agus monologan a ghnìomhadh a bhios air am filmeadh ann an iomallachd, le taic bho stiùiriche.
Tha sinn a’ taghadh chleasaichean airson:
PÌOS OBRACH GOIRID LE IAIN MACRATH
Tha Dirlo air a thrèigsinn a dh’aon ghnothaich air eilean Shòthaigh le Cally, an caraid a b’ fheàrr a bh’ aige uaireigin, agus a tha air tilleadh tràth gu tìr-mòr le bàta làn chaorach. Tha Dirlo ann am bothag bheag le gineadair ach le glè bheag de dh’ola. Tha uisge aige; tha na tha aige de bhiadh faisg air a bhith deiseil. Chan eil creutair beò sam bith eile air an eilean ach beagan chaorach a tha ro shean airson na margaid agus coloinidhean de bhuthaidean agus sgairbh. Ged nach eil siognal ann, tha Dirlo gu cunbhalach a’ clàradh theachdaireachdan bhidio agus claisneachd gu a bhean, a tha air a bhith a’ falbh le Cally gun fhiosta, agus nach eil coltach air talamh tioram a ruighinn.
Gheibh cleasaichean a thèid a thaghadh tuarastal airson na h-obrach a tha gu bhith air a riochdachadh an-asgaidh tarsainn àrd-ùrlaran air-loidhne, le aoigheachd bho Theatar Nàiseanta na h-Alba, am BBC agus com-pàirtichean theatar Albannach. Bidh am film goirid seo mar phàirt de ar pròiseact Seallaidhean Soirbheachaidh (Scenes for Survival). Cuiridh sinn a-mach gairmean eile mar a bhios seallaidhean gan sgrìobhadh agus am pròiseact a’ leantainn air adhart.
Gus tagradh, feuch gun cuir sibh ceangal gu Spotlight NO dealbh-cinn a-steach còmhla ri CV agus fèin-teip NO ceangal gu ridhle-film no bhidio eile air-loidhne. Feuch gun comharraich sibh gu soilleir ann an tiotal a’ phuist-d agaibh, dè am pìos obrach ùr dha bheil sibh a’ tagradh.
Ma tha sibh a’ cur a-steach fèin-teip:
- Feuch gun nochd sibh an cànan a tha a dhìth
- Dh’fhaodadh seo a bhith ann an riochd clàraidh claisneachd no bhidio dhìot fhèin, a’ gnìomhadh earrann à sealladh ded roghainn fhèin, air a luchdachadh suas gu àrd-ùrlar air-loidhne leithid Vimeo / YouTube (Feuch gun toir thu seachad ceangal agus facal-faire).
- Chan fheum thu a bhith comasach air a ghnìomhadh às aonais sgriobt agus chan fheum na pìosan film a bhith de chàileachd àrd (na gabh dragh, tha cleachdadh air a’ fòn agad math gu leòr cuideachd).
Ma bhios cuideachadh a dhìth ort leis an seo gu h-àrd, lorgaidh tu molaidhean cuideachail an seo.
Bu chòir tagreaidhean a chur gu: SFSperformers@nationaltheatrescotland.com
Feuch gun comharraich sibh gu soilleir ann an tiotal a’ phuist-d agaibh, dè am pìos obrach ùr dha bheil sibh a’ tagradh.
Ceann-latha deireannach agus uair: Dihaoine 12 Ògmhios aig 12 meadhan-latha.
Beachdaichidh sgioba ealantais / taghaidh Theatar Nàiseanta na h-Alba air na tagraidhean uile, agus thig iad gu taghadh deireannach le stiùiriche gach seallaidh.
FIOSRACHADH COITCHEANN MU CHASTADH
Tha Theatar Nàiseanta na h-Alba a’ creidsinn ann a bhith a’ toirt cothrom do luchd-ealain bho dhualchasan is cultaran eadar-mheasgte (air bunait gnè, cinnidheachd, ciorram, aomadh gnèitheasach, clas agus a bheil iad air an trèanadh ann an sgoil dràma no nach eile) san obair uile agus tha fàilte air gach neach a tha deònach tagradh airson dreuchdan sam bith a tha sanasaichte.
Far a bheil sinn a’ dèanamh taghadh airson pàirt a tha sònraichte gu cultarach, feumaidh sinn sa chiad àite taghadh a dhèanamh air cleasaiche bhon chultar sin. Ach, bidh sinn a’ beachdachadh air luchd-ealain bho dhualchasan eadar-mheasgte airson dreuchd sam bith, chan ann dìreach airson nan dreuchdan sin a tha sgrìobhte agus ag amas air feartan pearsanta sònraichte.
Ma tha feum air sgil, cànan no blas sònraichte (labhairte/BSL) airson dreuchd sònraichte, ainmichidh sinn sin sa mhìneachadh.
Faodar am poileasaidh castaidh iomlan againn a leughadh an seo:
Is e pròiseact le Theatar Nàiseanta na h-Alba a th’ ann an Scenes for Survival (Seallaidhean Soirbheachaidh) ann an co-bhonn le BBC na h-Alba, Screen Scotland (Sgrion Alba), pròiseact Cultar Ealain ann an Cuarantain a’ BhBC, agus taic bho Hopscotch Films.
Ann an co-bhonn le Ealain Gnìomhaidh Obar Dheathain, Birds of Paradise, Ionad Ealain Beacon, Taigh-cluiche na Bàthcha, Taigh-cluiche an Citizens, Taigh-cluiche Rep Dhùn Dè, Taigh-cluiche Cùirt an Easbaig, Imaginate, Ionad Ealain Macrobert, Taigh-cluiche Pheairt, Taigh-cluiche Fèis Bhaile Chloichridh, Companaidh Theatar Lyceum Rìoghail, Stellar Quines, Taigh-cluiche an Tron agus Taigh-cluiche an Traverse.